| Dachaigh | Taighean-tasgaidh | Bail’ Ùr an t-Slèibh | Cruinneachaidhean | Ionnsachadh | Cuir fios | |
| I.F. Ghrannd - Fiosrachadh Cruinneachaidh |
|
|
Cruinneachaidhean Tha na cruinneachaidhean sa Highland Folk Museum san fharsaingeachd a’ nochdadh dòigh-beatha shòisealta agus dòigh-beatha air an dùthaich sa Ghàidhealtachd. Tha na prìomh chruinneachaidhean air an stòradh is air an riaghladh ann an Cinn a’ Ghiùthsaich. Tha na togalaichean agus pàirtean de thogalaichean air an cumail, air an taisbeanadh agus air am mìneachadh ann am Bail Ùr an t-Slèibh Cruinneachadh Àiteachais Tha seo seo air cruinneachadh cho mòr ’s a th’ ann, gu h-àraidh co-cheangailte ri croitearachd agus àiteachas nach robh ro mhòr. Tha iomadh mìle nì ann uile gu lèir. Tha na nithean a fhuaradh mu dheireadh a’ bualadh air innealan a thòisichear a’ cleachdadh airson àiteachas, agus tha eisimpleirean ann de dh’innealan is de dh’uidheaman a bha a’ cleachdadh cumhachd. Cruinneachadh Dachaigh Seo an cruinneachadh as cudromaiche. Tha e cudromach aig ìre eadar-nàiseanta agus tha mu dhà mhìle nì ann. Tha na cruinneachaidhean a’ gabhail a-steach eadar stuthan còcaireachd, teas, solas is nigheadaireachd agus sgeadachadh is àirneis. Obair-làimhe, Ceàird agus Gnìomhachas Tha a’ mhòr-chuid dhe na h-obraichean thraidiseanta a’ nochdadh sa chruinneachadh, mar eisimpleir clachair, saor, greusaiche, rothadair agus gobha. Tha cruinneachaidhean nas lugha ann mu bhùithtean is mu mhargaidean. Tha e cuideachd a’ gabhail a-steach obair-aodaich, coilltearachd, obair an uisge-bheatha agus iasgach. Togalaichean Tha an Taigh-tasgaidh a’ cruinneachadh thogalaichean a tha a’ riochdachadh diofar eisimpleirean de dh’ailtireachd na Gàidhealtachd. ’S e feadhainn a th’ ann an cunnart an call air sgàth an leagail a tha sa mhòr-chuid dhiubh. Nam measg seo tha taigh-rèisgidh, sgoil, eaglais, bùth-obrach neach-chlocaichean, taigh-croite, oifis puist, ionad-stad rèile agus bùth saoirsneachd. Obair-ealain Tha cruinneachadh beag, cudromach san Taigh-tasgaidh de stuthan a rinn ceàrdan, no luchd-siubhail, mar obair airgid, seudradh agus obair adhairc. Chaidh a’ mhòr-cuid den bhristeal a chruinneachadh co-cheangailte ri dachaighean na sgìre ach a-mhàin obair crèadha à Barabhas a tha cudromach aig ìre nàiseanta. Aodach is Èideadh Tha deagh chruinneachadh san Taigh-tasgaidh de dh’obair-aodaich na Gàidhealtachd. Na mheasg tha pìosan tartain agus plaideachan air an dèanamh aig an taigh. Tha eisimpleirean cudromach ann de dh’anart a rinneadh san sgìre. Tha mòran ann de dh’aodach bhoireannach a bha fasanta eadar toiseach an 19mh linn agus linn Eideaird le fìor eisimpleirean air mar a bha tartan air a chleachdadh sa Ghàidhealtachd san19mh linn. Spòrs is Cur-seachadan A thaobh spòrs, ’s e an cruinneachadh de chlachan crolaidh as cudromaiche. Tha cùisean co-cheangailte ri iomain, a chaidh a chomharrachadh le Comann na Camanachd, cuideachd san Taigh-tasgaidh. Tha cruinneachadh beag ann de chamain goilf is nithean eile co-cheangailte ris a’ ghèam sa Ghàidhealtachd san 19mh linn. Cuideachd san Taigh-tasgaidh tha stuthan a bhuineas do shealg agus cuid de ghunnaichean cudromach. Tasglainn agus Dealbhan Buinidh mòran de stuthan an tasglainn ri eachdraidh an Taigh-tasgaidh, agus tha pàipearan I F Ghrannd, a stèidhich an taigh-tasgaidh, nam measg sin. Tha cruinneachadh beag ann de dh’irisean luchd-ceàird, leabhraichean-latha luchd-ceàird agus pàipearan co-cheangailte ri comainn ionadail. Tha cruinneachadh beag san Taigh-tasgaidh de dhealbhan agus de chairtean-puist co-cheangailte ri toiseach an 20mh linn sa Ghàidhealtachd.
|